dcsimg
Image of Porphyra umbilicalis
Creatures » » Plants » Red Algae » » Bangiaceae »

Porphyra umbilicalis

Slòcan ( Scottish Gaelic )

provided by wikipedia emerging languages

'S e seòrsa feamainn dhearg a th' ann an slòcan (Laideann: Porphyra umbilicalis, ainmean Gàidhlig eile: slabhagan/slabhacan/slabhgan/slabhcan no lòcan, Cuimris: lawr/lawfr, Beurla: laver) a tha tana, mìn. Tha e a' fàs air creagan a tha car còmhnard.[1][2]

Thathas ga phunndadh 's ga bhruich le ìm no geir eile gus stuth slamanach a dhèanamh. Bhite ga ghabhail le uinneanan no leigisean. Bhiodh iasgairean Ghallaibh ga ghabhail le aran-coirce. [3]

Ann an Leòdhas, bhite ga thoirt a-steach an taigh, agus ga thaomadh mu spògan a' chlobha, no ni eile a b' urrainn dhaibh a chumail a-steach dhan teine, no ris an teine, airson nàdar bloigh bruich no slaopadh a dhèanamh air. Bhathas ga ithe mar sin.[4]

A bharrachd air mar bhiadh, bha na Gàidheil ga cleachdadh mar leigheas do theanntachd-cuim cruidh, agus mar fhuar-lite airson sgochadh.[2]

 src=
An slòcan a thathas a' reic sa Chuimrigh.

Thathas a' reic slòcan anns a chruth shlamanach seo anns a' Chuimrigh. Bidh daoine ga chòmhdachadh le mìn-choirce, 's ga fhrithigeadh, ach am faigh iad seòrsa bonnach còmhnard, aran-slòcan. Bithear gu tric ga ghabhail le hama. [5]

Tha slòcan càirdeach ri nori (Porphyra Tenera), seòrsa feamainn a thathas a' gabhail ann an Iapan, Coirea agus An t-Sìn.

Iomraidhean

  1. Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay
  2. 2.0 2.1 Cothrom, eagradh 73 (Forghar 2012), td 11
  3. [1] Flora Celtica.
  4. Facal Oirbh, BBC Alba
  5. [2] Blog Iapanach
license
cc-by-sa-3.0
copyright
Ùghdaran agus luchd-deasachaidh Wikipedia

Slòcan: Brief Summary ( Scottish Gaelic )

provided by wikipedia emerging languages

'S e seòrsa feamainn dhearg a th' ann an slòcan (Laideann: Porphyra umbilicalis, ainmean Gàidhlig eile: slabhagan/slabhacan/slabhgan/slabhcan no lòcan, Cuimris: lawr/lawfr, Beurla: laver) a tha tana, mìn. Tha e a' fàs air creagan a tha car còmhnard.

Thathas ga phunndadh 's ga bhruich le ìm no geir eile gus stuth slamanach a dhèanamh. Bhite ga ghabhail le uinneanan no leigisean. Bhiodh iasgairean Ghallaibh ga ghabhail le aran-coirce.

Ann an Leòdhas, bhite ga thoirt a-steach an taigh, agus ga thaomadh mu spògan a' chlobha, no ni eile a b' urrainn dhaibh a chumail a-steach dhan teine, no ris an teine, airson nàdar bloigh bruich no slaopadh a dhèanamh air. Bhathas ga ithe mar sin.

A bharrachd air mar bhiadh, bha na Gàidheil ga cleachdadh mar leigheas do theanntachd-cuim cruidh, agus mar fhuar-lite airson sgochadh.

 src= An slòcan a thathas a' reic sa Chuimrigh.

Thathas a' reic slòcan anns a chruth shlamanach seo anns a' Chuimrigh. Bidh daoine ga chòmhdachadh le mìn-choirce, 's ga fhrithigeadh, ach am faigh iad seòrsa bonnach còmhnard, aran-slòcan. Bithear gu tric ga ghabhail le hama.

Tha slòcan càirdeach ri nori (Porphyra Tenera), seòrsa feamainn a thathas a' gabhail ann an Iapan, Coirea agus An t-Sìn.

license
cc-by-sa-3.0
copyright
Ùghdaran agus luchd-deasachaidh Wikipedia